On Judging the Wigtown Gaelic Poetry Prize

Rody Gorman explains his process

30 September 2023

Since its inception, the Wigtown Poetry Competition has been a great opportunity for Gaelic poets, young and old, new and established, at home and abroad.

FARPAIS BÀRDACHD GHÀIDHLIG BHAILE NA H-ÙIGE 2023


Chòrd e rium a bhith na mo bhritheamh am-bliadhna air Farpais Bàrdachd Ghàidhlig Bhaile na h-Ùige, agus e air a shuidheachadh ann an ceàrnaidh làn ainmean Gàidhlig, mar a tha obair MhicSuail a’ leigeil fhaicinn, gun tighinn air an t-saothair a dh’èirich o chionn ghoirid à rannsachadh – agus taisbeanadh – air an duan àraid ud air a bheil Òran Bagraidh.

Mar a bha riamh o thùs, tha Farpais Bhàrdachd Ghàidhlig Bhaile na h-Ùige na cothrom math dha-rìribh do bhàird na Gàidhlig, eadar ùr is aosta, eadar stèidhichte is gun a bhith, aig an taigh is thall thairis, an t-saothair aca a nochdadh agus buannachdan a thoirt às an oidhirp ga rèir. Chan e gu bheil cothroman mar seo pailt do bhàird na Gàidhlig ann an saoghal an latha an-diugh – air a chaochladh, ’s ann a tha iad car tearc o chaidh crìoch a chur air farpaisean leithid Duais Uilleim Rois, Féile Filíochta, Strokestown agus mar sin dheth.

Bha measgachadh tarraingeach de dhàin Ghàidhlig ann am-bliadhna – còrr agus dà fhichead uile-gu-lèir – agus iad dìomhair, geàrr a thaobh cainnte agus aithriseach, le faram làidir agus faireachdainnean domhain ann a rèir an t-suidheachaidh.

Sa chiad àite, tha an dàn ‘Mapaichean’ a tha làn de na faireachdainnean domhain ud, le blas ionadail, agus e na mhac-talla, math dh’fhaodte, air saothair Dhòmhnaill MhicAmhlaigh no Ruaraidh MhicThòmais. Tha an dàn anns an dara h-àite, a chuir saothair le Aonghas Dubh MacNeacail na mo chuimhne, dìomhair, le riochd math air. Tha ‘Thus’ air mo Chuimhne’ san treas àite làn mòmaid. Tha ‘An Dealbh as Fheàrr do dh’Astràilia’ sa cheathramh àite na shealladh math air dùthaich agus, sa chòigeamh àite, tha an dàn ‘An Geama’ dùthchail agus làn cuimhne le ìomhaighean làidir.

Taing mhòr dha na bàird uile

Rody Gorman

Britheamh Gàidhlig

An t-Sultain 2023

WIGTOWN GAELIC POETRY COMPETITION 2023


I enjoyed judging this year’s Gaelic entries for the Wigtown Poetry Prize. Wigtown, of course, is in an area where there is a strong historical Gaelic element as can be seen from place-name evidence, demonstrated by the work of Herbert Maxwell, not to mention the recent interest in that weird local Gaelic song Òran Bagraidh.

Since its inception, the Wigtown Poetry Competition has been a great opportunity for Gaelic poets, young and old, new and established, at home and abroad. Such opportunities are not so plentiful nowadays so it is very welcome.

There was a nice mix of Gaelic entries this year – more than 40 in total – of lyrical, mysterious, short and narrative poems with strong rhythm and depth of feeling.

The winning poem ‘Mapaichean’ is full of deep feelings, with a distinctly local flavour, reminiscent, perhaps, of Donald MacAulay or Derek Thomson. The poem in second place is slightly mysterious and reminded me of Aonghas MacNeacail. The third-place entry ‘Thus’ air mo Chuimhne’ is a poem of moment. ‘An Dealbh as Fheàrr do dh’Astràilia’ in fourth place is a good celebration of place, and the fifth-placed poem ‘An Geama’ combines memory with strong imagery.

Thanks to all the poets

Rody Gorman

September 2023